Freagairt air Co-chomhairleachadh: Ro-innleachd Cultar Ghlaschu – Sealladh as ùr
Chur Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle Ro-innleachd Cultar Ghlaschu – Sealladh as ùr le Glaschu Beò. Seo cuid de na puigean a chaidh a thogail san fhreagairt.
Tha Bòrd na Gàidhlig a’ freagairt na co-chomhairle seo, gu h-àraidh airson cudromachd na Gàidhlig sna roinnean cultair is cruthachail Ghlaschu, agus a cudromachd ceudna san Ro-innleachd Cultair a thathar a’ moladh, a shònrachadh.
Tha sinn a’ cur fàilte air aithrisean an Dreachd Phlana:
• Gum bu chòir do chultar a bhith mar: “toradh an fhèin-fhiosrachaidh, beatha agus beachdan aig gach duine”.
• Agus a-rèir na Lèirsinn gu bheil “àrainneachd chultarail Ghlaschu dha-rìribh na samhla de mhuinntir a’ Mhòr-bhaile”.
• Bu chòir do “fosgailte, ceart agus compàirteach” agus “fìor agus so-aithnichte” a bhith an lùib nan Luachan.
Tha cànan agus cultar Ghlaschu a’ dlùth-fhreagairt ris na h-aithrisean seo. Sin a thaobh iad a bhith luachmhor do bheatha nan daoine aig a bheil an cànan agus/no a bhios a’ mealtainn cultar na Gàidhlig, rud a tha an dà chuid mar nì fìor agus so-aithnichte aig cultar Ghlaschu.
Tha a’ Ghàidhlig na buannachd cultarail gun samhail. Tha i na pàirt mhòr de dhearbh-aithne chultarail na h-Alba agus na prìomh phàirt de na buannachdan cultarail làidir a chithear ann an tachartasan ann an Alba. Is iomadh cruth dualchasach agus ùr-nòsach de dh’ealainean na h-Alba a bhios a’ tarraing air cultar na Gàidhlig: ged nach bi iad uile air an toirt seachad sa chànan. Mar eisimpleir, tàirnidh iomadh còmhlan-pìoba is còmhlan folk, buidhnean dannsa Gàidhealach, geamaichean Gàidhealach agus cèilidhean air cultar is dualchas na Gàidhlig.
Uime sin, feumaidh am Plana agus an Ro-innleachd a bhith ag aithneachadh na tha cultar na Gàidhlig a’ cur gu farsaing ri saoghal cultair is cruthalachd Ghlaschu.
Gheibhear am freagairt slàn an seo.