Bòrd na Gàidhlig air rannsachadh a choimiseanadh air ceanglaichean eadar sunnd agus a’ Ghàidhlig
Tha a bhith a’ tuigsinn agus a’ cur ri sunnd a’ fàs nas cudromaiche nar beatha uile, agus air an adhbhar sin tha Bòrd na Gàidhlig air coimisean a thoirt do DC Research gus sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha a’ Ghàidhlig a’ cur ri sunnd dhaoine, choimhearsnachdan agus na dùthcha san fharsaingeachd.
Tha sunnd air aithneachadh barrachd is barrachd mar fheart ann am farsaingeachd de raointean tarsainn na h-eaconamaidh agus a’ chomainn-shòisealta. Sheall coinneamhan air-loidhne sa Ghàidhlig aig àm a’ ghalair lèir-sgaoilte Covid-19 gun robh sunnd, in-ghabhail agus lìonrachadh cudromach agus gun gabhadh an leasachadh, agus sheall iad cuideachd gun robh àite aig a’ Ghàidhlig ann a bhith ag àrdachadh sunnd san fharsaingeachd.
Sheall Suirbhidh Beachdan Sòisealta na h-Alba (2021) bho chionn ghoirid gun robh 70% den fheadhainn a bha ag ionnsachadh na Gàidhlig den bheachd gun do chuir seo ri an sunnd. Leis an àireamh de dhaoine a tha ag ionnsachadh a’ chànain a’ fàs, dh’fhaodadh an taobh seo de bhith a’ dol an sàs sa Ghàidhlig fàs nas cudromaiche.
Nuair a thòisicheas e air a’ mhìos seo, nì an rannsachadh measadh agus cunntas air mar a tha a’ Ghàidhlig a’ cur ris a’ chomann-shòisealta ann an dòigh nas fharsainge chan ann a-mhàin mar chànan ach cuideachd mar chultar agus bheir e tuigse dhuinn air mar a ghabhas taobhan de shunnd a chleachdadh gus luchd-cleachdaidh na Gàidhlig a chuideachadh agus a bhrosnachadh, mar luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh agus mar choimhearsnachd cànain. Mìnichidh e cuideachd, ann an co-theacs poilitigeach, mar a tha a’ Ghàidhlig a’ cur ris an Fhrèam Coileanaidh Nàiseanta (NPF), a bharrachd air a bhith ag obair gus measadh agus cunntas a thoirt air a’ bhuaidh a tha a’ Ghàidhlig a’ toirt gus am bi seo air aithneachadh, agus bithear cuideachd a’ beachdachadh air rannsachadh a thaobh mion-chànanan eile.
Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn ag aithneachadh gu bheil sunnd a’ sìor fhàs cudromach, an dà chuid do dhaoine fa leth agus dhan chomann-shòisealta. Cuidichidh an fhianais bhon rannsachadh seo sinn gus argamaidean nas treasa a dhèanamh airson a bhith cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig, agus na tha i a’ cur ri sunnd, air aithneachadh agus a’ faighinn taic ann am poileasaidhean nàiseanta is roinneil gus barrachd taic a thoirt do choimhearsnachdan Gàidhlig.”
Thuirt an Dr Stephen Connolly, Stiùiriche aig DC Research agus manaidsear pròiseict airson an rannsachaidh, a bhios ag obair còmhla ris an Àrd-ollamh Mike Danson, an Dr Douglas Chalmers agus Eilidh Danson air an rannsachadh: “Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ rannsachadh nan ceistean seo a thaobh na Gàidhlig agus sunnd tro cho-chomhairle le farsaingeachd de dh’eòlaichean, luchd-labhairt agus luchd-buaidh (influencers) à Alba agus gu h-eadar-nàiseanta tro mhìosan an t-samhraidh”.