A’ Sireadh Ceannard Ùr airson Bòrd na Gàidhlig
’S e Bòrd na Gàidhlig a’ bhuidheann phoblach le uallach gus planadh a dhèanamh airson agus stiùireadh a thoirt dhan iomairt gus a’ Ghàidhlig agus a cultar a thoirt air adhart ann an Alba às leth Riaghaltas na h-Alba. Tha àrd amas againn gum bi a’ Ghàidhlig air a faicinn is air a cluinntinn gu làitheil air feadh na h-Alba, chun na h-ìre ’s gum bi i air a h-aithneachadh mar phàirt bhunaiteach de bheatha muinntir na h-Alba agus mar chànan prìseil a tha a’ cur ri cultar is eaconamaidh na dùthcha.
Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh neach dàna is làn spionnaidh aig a bheil ùidh anns a’ Ghàidhlig agus a cultar ann an Alba agus cuideigin as urrainn an stòras nàiseanta seo a thoirt air adhart. Is dòcha gu bheil thu a’ tighinn bho àrainneachd eile san roinn phoblaich no san treas roinn le fòcas nàiseanta.
Mar Cheannard, nì sibh cinnteach gu bheil co-dhùnaidhean agus poileasaidhean air an cur an gnìomh gu math agus gu h-èifeachdach le bhith a’ stiùireadh an àrd-sgioba-stiùiridh, a’ stiùireadh an luchd-obrach agus tro bhith a’ brosnachadh obair BnG le buidhnean eile. Anns an dreuchd sin, tha e cudromach dàimhean a thogail le buidhnean eile, buidhnean poblach agus sa choimhearsnachd, a bharrachd air roinnean riaghaltais eile.
Am measg nan dleastanasan tha:
- Cunntachail dhan Bhòrd-stiùiridh, bidh sibh a’ stiùireadh obair na buidhne, a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ coileanadh amasan is cinn-uidhe ro-innleachdail na buidhne.
- Cunntachail do Phàrlamaid na h-Alba agus Ministearan na h-Alba mar Oifigear Cunntachail Bhòrd na Gàidhlig.
- A’ dèanamh cinnteach gun cruthaich a’ bhuidheann Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus gu bheil i a’ cumail sùil air a bhuileachadh.
- Ag obair ann an com-pàirteachas, a’ tòiseachadh agus a’ stèidheachadh mhodhan-obrach ùr-ghnàthach a thaobh com-pàirteachasan, agus a bhith nur dheagh eisimpleir a thaobh co-chomhairleachadh agus co-obrachadh sàr-mhath le prìomh luchd-ùidh
- A’ stiùireadh agus a’ riochdachadh Bòrd na Gàidhlig gus obair na buidhne adhartachadh, an dà chuid air an taobh a-staigh agus an taobh a-muigh, ag obair gus amasan fad-ùine Bhòrd na Gàidhlig a chur an gnìomh agus a’ cur ri cliù na buidhne
- A’ stiùireadh cruthachadh, cumail sùil air agus ath-sgrùdadh ro-innleachdan agus phlanaichean, tro stiùireadh èifeachdach air gnìomhan agus goireasan Bhòrd na Gàidhlig
- Cunntachail airson riaghladh corporra agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil a’ bhuidheann a’ coileanadh gach dleastanas is uallach san roinn phoblaich.
Bidh sibh tionnsgalach agus bidh an neart agaibh gus buidheann den mheud seo a stiùireadh ann an àrainneachd iom-fhillte. Neach-conaltraidh air leth le ionracas agus dealas airson sgiobaidhean a leasachadh a bhios a’ coileanaidh aig àrd-ìre agus gus cultar sàr-mhathais a chur air adhart. Tha dealas a thaobh co-ionannachd, in-ghabhail agus iomadachd deatamach gus àrainneachd a chruthachadh far an urrainn do gach neach an làn chomais a choileanadh.
Chan fheum tagraichean a bhith air obrachadh aig ìre CEO roimhe seo ach feumaidh iad farsaingeachd de dh’eòlas a thoirt dhan dreuchd seo.
Ma tha sibh ag aontachadh ri lèirsinn àrd-amasach Bhòrd na Gàidhlig agus nam biodh sibh toilichte seo a chur air adhart, chuireamaid fàilte mhòr air an iarrtas agaibh.
Barrachd fiosrachaidh: