Maoin nan Ealan Gàidhlig
Tha Maoin nan Ealain Gàidhlig air a’ ruith le Fèisean nan Gàidheal, le taic-airgid bho Alba Chruthachail is Bòrd na Gàidhlig, gus taic a chumail ri pròiseactan ealan Gàidhlig a chur an gnìomh.
Bidh an sgeama a chur taic ri bhuidhnean agus luchd-ealain fa-leth, is ann an 2024-25 bidh prìomhachas ga thoirt do phròiseactan:
- Air an lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig
- A bhios a’ cur ri cleachdadh no ionnsachadh na Gàidhlig
- Bho luchd-ealain fa leth, buidhnean de luchd-ealain, no buidhnean-ealain gus obair a chruthachadh no a thaisbeanadh
- Le compàirteachas eadar-nàiseanta
- Bho luchd-ealain fa leth airson feumalachdan leasachaidh a choilionadh
- A’ togail sgilean gnìomhachais ann am buidhnean-ealain no coimhearsnachdan a chuireadh ri seasmhachd
Tha tuilleadh fiosrachaidh air an sgeama ri fhaighinn air làrach-lìn Fèisean nan Gàidheal an seo: https://www.feisean.org/meg/
Airson 2024/25, tha dà cheann-là airson nan iarrtasan a chur a-steach:
- 5f air Dihaoine 28 Ògmhios 2024
- 5f air Dihaoine 15 Samhain 2024
Ma tha ceistean sam bith agaibh air an sgeama, cuiribh fios gu Fèisean nan Gàidheal aig meg@feisean.org