Ro-sgoile

Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.

Foghlam Tràth agus Cùram-chloinne

Tha trì seòrsaichean bhuidhnean tràth-bhliadhnaichean ann:

  • Buidhnean Pàrant is Pàiste,
  • Cròileagain
  • Tràth-ionnsachadh agus cùram-cloinne.

Tha na buidhnean seo fosgailte dhan a h-uile duine: teaghlaichean aig a bheil Gàidhlig san dachaigh agus dhaibhsan gun Ghàidhlig.

 

Pàrant is Pàiste

’S e a th’ ann am buidheann Pàrant is Pàiste buidheann far am bi pàrantan, luchd-cùraim agus an cuid chloinne a’ tighinn còmhla airson còmhradh is cluich ann an Gàidhlig. ’S ann airson clann eadar 0 agus 5 bliadhna a dh’aois a tha na buidhnean seo, agus bidh iad a’ toirt cothrom do dhaoine, a tha am beachd an cuid chloinne a chur gu foghlam tron Ghàidhlig, coinneachadh. Bidh òrain agus geamaichean ann agus bidh cothrom aig pàrantan agus a’ chlann Gàidhlig ionnsachadh no a bhruidhinn ann an suidheachadh a tha càirdeil agus taiceil. Ged nach eil na buidhnean seo a’ tighinn fo sgèith an t-siostaim foghlaim oifigeil, ’s e cothrom a th’ ann a’ chiad cheum a ghabhail ann am Foghlam Gàidhlig.

 

Cròileagan

Faodaidh pàrantan no luchd-cùraim an cuid chloinne fhàgail ann an Cròileagan fo stiùir luchd-obrach aig a bheil Gàidhlig far an ionnsaich iad agus far an cluinn iad Gàidhlig. Tha na buidhnean ro-sgoile seo ag amas air clann a tha 2-3 bliadhna a dh’aois, mus tig iad a-staigh do sheirbheisean tràth-ionnsachaidh. Gheibh a’ chlann cothrom air cluich, seinn, ealain agus iomadh nì spòrsail eile mar phàirt den Chròileagan.

 

Tràth-ionnsachadh is Cùram-Cloinne

Nuair a tha pàiste eadar 2 is 5 bliadhna a dh’aois, faodaidh iad a dhol gu Tràth-ionnsachadh is Cùram-cloinne mus tèid iad dhan sgoil. Tha a’ mhòr-chuid de sheirbheisean Tràth-ionnsachaidh is Cùram-Cloinne a’ tighinn fo stiùir Ùghdarrais Ionadail, agus bidh iad gu math tric co-cheangailte ri sgoil a tha a’ tabhann foghlam tron Ghàidhlig. Bidh an t-ionnsachadh a gheibh a’ chlann stèidhichte air a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais, agus a’ leantainn prionnsabalan bogaidh.

 

Toiseach na slighe gu dà-chànanas

Tha na diofar ìrean de Thràth-ionnsachadh Gàidhlig a’ toirt cothrom air leth do chloinn cluich agus ionnsachadh ann an Gàidhlig. Ma tha a’ Ghàidhlig aca mu thràth, bheir e piseach air na sgilean cànain aca a thuilleadh air gach nì eile a bhios iad ag ionnsachadh. Mura h-eil a’ Ghàidhlig aca, ionnsaichidh iad cànan ùr cho math ri gach raon oideachaidh eile ris an suath iad. Seo toiseach slighe a bheir clann gu dà-chànanas.

 

Goireasan is Taic

Tha Bòrd na Gàidhlig air Pasgan Fiosrachaidh ullachadh airson stiùireadh agus fiosrachadh a thoirt do bhuidhnean thràth-bhliadhnaichean Gàidhlig 0-3 airson an cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh is a’ ruith na buidhne aca. Gheibhear an tuilleadh fios an seo.

Gheibhear fiosrachadh anns na sgrùdaidhean an seo air mar a bhios ar maoineachadh a’ cumail taic ri diofar bhuidhnean.

Gheibhear grunn ghoireasan feumail bho fhoillsichearan leithid Acair Earranta agus Comhairle nan Leabhraichean. Tha tòrr stuth math do phàrantan agus clann òga ri fhaotainn air na làraichean-lìn Gaelic4Parents, goireas ‘Gàidhlig nan Òg’ aig Stòrlann agus LearnGaelic. Cuideachd gheibhear seiseanan Bookbug ann an Gàidhlig a-nis ann cuid a sgìrean, far am faod pàrantan agus an cuid chloinne a dhol an sàs ann an seinn, stòiridhean, agus spòrs sa Ghàidhlig.

Anns a’ Ghearran 2020, thàinig stiùireadh ùr a-mach airson nan tràth bhliadhnaichean, Realising the Ambition: Being Me.  Bidh an goireas seo feumail airson stiùireadh agus fiosrachadh do sheirbheisean Tràth-ionnsachaidh is Cùram-chloinne is bidh e cuideachail do bhuidheann agus an luchd-obrach.  Anns a’ bhliadhna a tha ri tighinn, cumaidh sinn fios ribh mu na cothroman trèanaidh a’ nochdas tron ghoireas seo.

Stuìreadh Tràth Irean

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security