Plana Cànain Nàiseanta

Tha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 (“an Achd”), a chaidh aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba, ag iarraidh inbhe na Gàidhlig a ghlèidheadh mar chànan oifigeil ann an Alba dha bheilear a’ sealltainn an aon spèis agus a tha don Bheurla.

 

Plana Nàiseanta Gàidhlig 2023-2028

Tha am Plana Nàiseanta Gàidhlig 2023-2028 (“am Plana”) a’ cur an cèill far a bheil ceumannan a dhìth gus a’ Ghàidhlig a neartachadh ann an Alba. Tha e mar bhunait dhan àrd-amas aig Riaghaltas na h-Alba àrdachadh fhaicinn ann an àireamh nan daoine a tha a’ bruidhinn, ag ionnsachadh, a’ cleachdadh agus a’ cumail taic ri Gàidhlig ann an Alba.

Tha an Achd ag iarraidh air Bòrd na Gàidhlig Plana Nàiseanta Gàidhlig ullachadh agus a chur a-steach le molaidhean co-cheangailte ri cleachdadh agus adhartachadh na Gàidhlig le fòcas air feumalachdan agus prìomhachasan na Gàidhlig airson a luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh, agus luchd-taic. Fon Achd feumaidh Bòrd na Gàidhlig Plana Nàiseanta Gàidhlig ullachadh ach tha e an urra ri grunn ùghdarrasan, bhuidhnean agus choimhearsnachdan na h-amasan is targaidean sa Phlana seo a thoirt air adhart.

Thèid mòran de na gealltanasan a chur an gnìomh le ùghdarrasan poblach tro na Planaichean Gàidhlig aca fhèin, thèid cuid a thoirt air adhart le Bòrd na Gàidhlig agus thèid cuid eile a chur an gnìomh le teaghlaichean, coimhearsnachdan, agus leis an roinn phrìobhaidich. Bidh soirbheas a’ Phlana a rèir na h-ìre de dhealas, co-obrachadh, tasgadh agus de ghnìomhachd a thèid a choileanadh leotha uile.

Seo an ceathramh Plana Nàiseanta na Gàidhlig bho chaidh Achd 2005 aontachadh. Tha gach Plana a’ togail air adhartas a rinneadh sna planaichean mu dheireadh agus tha e air a sgrìobhadh gu sònraichte airson an t-suidheachaidh làithrich. Gus am Plana seo ullachadh, chaidh raon farsaing de chòmhraidhean agus cho-chomhairlean a chumail agus chaidh pròiseas co-chomhairleachaidh poblach foirmeil a chumail a rèir na h-Achd.

‘S e prìomh amas a’ Phlana a bhith a’ cur ri cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig.

 

Plana Nàiseanta Gàidhlig 2023-2028

Plana Nàiseanta Gàidhlig 2018-2023

 

Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security