Ceistean cumanta – A’ ruith phròiseactan
Gheibh thu fios gu h-ìosal air cuid de na ceistean a tha sinn a’ faighinn gu tric mu na sgeamaichean maoineachaidh againn. Mur eil freagairt ann gu h-ìosal air a’ cheist agad, nach cuir sibh fios thugainn aig tabhartas@gaidhlig.scot is bidh sinn làn deònach do chuideachadh.
Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.
Cuin a tha na h-aithisgean againn a dhìth agus cuin a thèid na pàighidhean againn a dhèanamh?
Gheibhear a h-uile sgrìobhainn agus fiosrachadh co-cheangailte ris an aonta taic-airgid agaibh ann am Fluxx, an siostam riaghlaidh thabhartasan againn. Faodaidh sibh logadh a-steach agus am fiosrachadh fhaicinn an seo: https://bng.fluxx.io
Càite am faigh sinn an teamplaid airson aithisg a chur a-steach?
Gheibh sibh fiosrachadh air cuin a tha na h-aithisgean agaibh rin cur a-steach agus cuin a thèid pàighidhean a dhèanamh san aonta taic-airgid agaibh, agus cuideachd san t-siostam rianachd thabhartasan Fluxx.
An cuidich sibh sinn le eadar-theangachaidhean?
Chan eil sinn a’ toirt seachad seirbheisean eadar-theangachaidh agus mar sin bu chòir dhuibh beachdachadh air a seo nuair a bhios sibh a’ dealbhadh agus a’ ruith nam pròiseactan agaibh. Is urrainn dhuinn ge-tà fios a thoirt dhuibh air daoine a tha a’ toirt seachad seirbheisean mar seo, mar sin feuch gun cuir sibh fios thugainn agus bidh sinn toilichte sin a thoirt seachad.
Tha sinn airson am pròiseact a cho-roinn air na meadhanan sòisealta, dè an dòigh as fheàrr air seo a dhèanamh?
Tha sinn toilichte cuideachadh le bhith a’ brosnachadh phròiseactan a tha sinn a’ maoineachadh air na meadhanan sòisealta. Mas urrainn dhuibh taga a chur a-steach air na cunntasan oifigeil againn @bordnagaidhlig nuair a chuireas sibh post an àrd agus cuimhnich gun lean sibh an Stiùireadh Aithneachaidh againn agus gun cleachd sibh an suaicheantas againn nuair a bhios sibh a’ postadh dhealbhan, tha sinn air leth toilichte iad sgaoileadh dhuibh.
Bu chòir dhuibh cuimhneachadh cuideachd sanasachd a dhèanamh air tachartasan sam bith a tha sibh a’ ruith air cleachdi.scot
Feumaidh sinn barrachd ùine airson aithisg a chrìochnachadh, a bheil seo ceart gu leòr?
Mas urrainn dhuibh rabhadh a thoirt dhuinn ron cheann-latha airson aithisg mar as trice is urrainn dhuinn sìneadh a thoirt dhuibh airson sin a dhèanamh ma tha adhbhar freagarrach ann. Feuch an cuir sibh fios thugainn cho luath ’s a ghabhas gus innse dhuinn agus bidh sinn toilichte bruidhinn ribh.
Tha sinn air ceann-latha na h-aithisg a chall, dè bu chòir dhuinn dèanamh?
Bu chòir dhuibh an aithisg a chur thugainn cho luath ’s as urrainn, oir tha iad cudromach dhuinne gus dearbhadh mar a tha am pròiseact agaibh ga lìbhrigeadh. Ma tha an aithisg agaibh còrr is 30 latha air dheireadh ’s dòcha gun lùghdaich sinn an t-suim maoineachaidh a thathar a’ tabhann dhuibh.
Tha sinn air co-dhùnadh gun a bhith a’ leantainn oirnn le pròiseact, dè a bu chòir dhuinn a dhèanamh?
Feumaidh sibh fios a leigeil thugainn cho luath ‘s a ghabhas mura h-eil sibh airson leantainn air adhart le pròiseact no mura bi e comasach a chrìochnachadh. Bidh sinn fhathast ag iarraidh aithisg dheireannach bhuaibh aig an ìre sin gus dearbhadh dè a chaidh a choileanadh agus carson nach robh e comasach cumail a’ dol, agus gus fianais a thoirt seachad air na tha sibh air a chosg gu ruige seo.
Bidh e comasach dhuinn an uair sin dearbhadh dè an ìre den taic-airgid aig a bheil cead agaibh a chumail a thaobh ur chosgaisean gu ruige seo agus an uair sin iarraidh sinn maoineachadh sam bith air ais nach eil a dhìth no pàigheadh mu dheireadh a dhèanamh de rud sam bith a tha ri phàigheadh dhuibh.
Chan eil sinn air ar maoineachadh gu lèir a chleachdadh airson a’ phròiseict, dè bu chòir dhuinn a dhèanamh leis?
Ma tha maoineachadh sam bith agaibh air fhàgail aig deireadh a’ phròiseict feumaidh sibh fios a chur thugainn. Mar as trice iarraidh sinn oirbh seo a phàigheadh air ais thugainn, no lùghdaichidh sinn no tarraingidh sinn air ais pàighidhean sam bith a tha air fhàgail san aonta/sna h-aontaidhean agaibh gus seo a chothromachadh.
Ge-tà, ma tha beagan air fhàgail agaibh agus gun urrainn dhuibh mìneachadh dhuinn mar a chleachdas sibh seo gus taic a thoirt don Ghàidhlig faodaidh sinn cead a thoirt dhuibh am maoineachadh a chumail, ach feumaidh sibh ar cead iarraidh airson seo a dhèanamh
Chosg sinn barrachd air a’ phròiseact na bha sinn an dùil, am faigh sinn barrachd maoineachaidh?
Chan fhaigh, chan urrainn dhuinn maoineachadh a bharrachd a thoirt don phròiseact agaibh ma chosgas sibh barrachd na bha dùil.
Tha sinn airson atharrachadh mar a tha am pròiseact air a ruith agus rudeigin eadar-dhealaichte a dhèanamh leis, a bheil seo ceadaichte?
Ma tha sibh airson na tha sibh a’ coileanadh leis a’ phròiseact atharrachadh feumaidh sibh innse dhuinn agus cead fhaighinn sin a dhèanamh ro-làimh. Tha sinn toilichte bruidhinn ribh mu chothroman agus sùbailteachd a thoirt seachad, ach feumaidh sinn seo a dhearbhadh mus tèid sibh air adhart leis na h-atharrachaidhean.
An urrainn dhuinn maoineachadh a thoirt air adhart thairis air bliadhnaichean ionmhais?
Cho fad ’s a tha e ro cheann-latha na h-aithisg dheireannach airson do phròiseact, faodar maoineachadh sam bith a thèid a phàigheadh dhuibh a ghiùlan thairis air bliadhnaichean ionmhais.
Ma tha dearbhadh air seo a dhìth airson nan clàran agaibh leig fios thugainn agus bidh sinn toilichte seo a thoirt dhuibh.
Tha an neach a tha a’ dèiligeadh ris a’ phròiseact air a’ bhuidheann fhàgail, dè bu chòir dhuinn a dhèanamh?
Ma tha atharrachadh san neach-conaltraidh feumaidh sibh fios a chur thugainn cho luath ’s a ghabhas gus innse dhuinn cò a bhios a’ toirt a’ phròiseict air adhart. Faodaidh sinn an uair sin stiùireadh agus taic a thoirt seachad a thaobh na chaidh aontachadh roimhe.
Ma tha an neach-conaltraidh ùr no stiùiriche a’ phròiseict ag iarraidh rudeigin eadar-dhealaichte a dhèanamh leis a’ phròiseact, feumaidh sinn cead a thoirt seachad airson seo ro-làimh ach tha sinn toilichte bruidhinn mu dheidhinn.
A bheil e comasach iomradh a chur air pàighidhean thugainn gus an aithnich an sgioba ionmhais againn e?
Tha, ma tha seo a dhìth leig fios thugainn agus bidh sinn toilichte seo a chur air dòigh. Tha sinn cuideachd toilichte fios a chur gu neach sam bith san sgioba ionmhais agaibh air post-d aon uair ’s gun tèid pàigheadh troimhe.
Cha robh ar pàigheadh mu dheireadh cho mòr ’s a bha sinn an dùil, carson a bha seo?
Dh’fhaodadh pàigheadh mu dheireadh an aonta maoineachaidh a bhith air a lùghdachadh nam biodh sibh a’ faighinn barrachd teachd a-steach, no ma bha cosgaisean nas ìsle agaibh, na bha dùil. Cha phàigh sinn ach suas ri 80% de chosgaisean iomlan a’ phròiseict airson a’ mhòr-chuid de sgeamaichean, agus chan urrainn dhuinn ach pròiseactan a mhaoineachadh air stèidh break-even, mar sin ma thachras seo is dòcha gum faigh sibh nas lugha na an tabhartas iomlan.
Chan eil sinn air a’ chiad phàigheadh den aonta fhaighinn fhathast, dè a dh’fheumas sinn dèanamh gus seo fhaighinn?
Mar as trice thèid a’ chiad phàigheadh den aonta maoineachaidh a-mach nuair a thilleas an t-aonta maoineachaidh soidhnichte agus nuair a thèid am fiosrachadh banca agaibh a dhearbhadh leibh, mar sin mur an do lìon sibh seo feuch an dèan sibh sin.
Ma bha pròiseact agaibh a fhuair taic-airgid roimhe, feumaidh sibh cuideachd dearbhadh gu bheil sibh air an aithisg dheireannach a chur a-steach airson seo, mus sgaoil sinn maoineachadh sam bith airson pròiseact ùr.
Faodaidh cumhaichean a bhith anns an aonta maoineachaidh agaibh cuideachd a tha a’ ciallachadh gun tèid a’ chiad phàigheadh a chumail air ais gus an toir sibh dhuinn tuilleadh fiosrachaidh no gun tèid rudeigin a dhearbhadh (m.e. maoineachadh eile, no fastadh oifigear).
Ma tha ceist sam bith agaibh nach leig sibh fios thugainn?