Ceistean cumanta – Iarrtasan taic-airgid

Gheibh sibh fios gu h-ìosal air ceistean tha sinn a’ faighinn gu tric ri linn an sgeamaichean maoineachaidh againn.  Ma tha càil nach eil air a fhreagairt an seo, nach cuiridh sibh fios thugainn aig tabhartas@gaidhlig.scot is bidh sinn gu math deònach taic a chumail riut?

Gheibh thu fios gu h-ìosal air cuid de na ceistean a tha sinn a’ faighinn gu tric mu na sgeamaichean maoineachaidh againn.  Mur eil freagairt ann gu h-ìosal air a cheist agad, nach cuir thu fios thugainn aig tabhartas@gaidhlig.scot is bidh sinn làn deònach do chuideachadh.

Cò às a tha maoineachadh Bhòrd na Gàidhlig a’ tighinn?

Tha Bòrd na Gàidhlig air am maoineachadh le tabhartas-gus-cuideachadh bho Riaghaltas na h-Alba gus ar n-obair a dhèanamh agus maoineachadh a lìbhrigeadh do bhuidhnean agus tro sgeamaichean tabhartais.

Cuin a tha na sgeamaichean maoineachaidh agaibh fosgailte?

Taic Freumhan Coimhearsnachd – A’ cur taic ri pròiseactan is iomairtean coimhearsnachd. A’ fosgladh san t-Samhain, a’ dùnadh san Fhaoilleach – Pròiseactan: am Màrt gus an Lùnastal air an ath-bhliadhna

Maoin Phlanaichean Gàidhlig (GLAIF roimhe) – A’ cur taic ri buidhnean poblach is com-pàirtichean ann a bhith lìbhrigeadh phlanaichean Gàidhlig. A’ fosgladh sa Ghearran, a’ dùnadh sa Ghiblean – Pròiseactan an Lùnastal gus an Lùnastal an ath-bhliadhna

Colmcille – A’ cur taic ri pròiseactan a tha togail cheanglaichean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig is na Gaeilge. A’ fosgladh san t-Samhain, a’ dùnadh sa Ghearran – Pròiseactan an Giblean gus an Lùnastal an ath-bhliadhna

Tabhartasan nan Tràth-bhliadhnaichean – A’ cur taic ri buidhnean tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig. A’ fosgladh sa Chèitean, a’ dùnadh san Ògmhios – A’ toirt taic do bhuidhnean tron bhliadhna sgoile às dèidh sin

Tabhartasan Foghlaim – A’ cur taic ri oileanaich air cùrsaichean teagaisg Gàidhlig is trèanadh do thidsearan Gàidhlig. A’ fosgladh san Ògmhios, a’ dùnadh tràth san t-Sultain – A’ toirt taic do dhaoine tron bhliadhna acadaimigeach às dèidh sin

Tabhartasan Cùrsa Bogaidh Gàidhlig – A’ cur taic ri tidsearan foghlam tro mheadhan na Beurla gus cùrsa bogaidh a dhèanamh.  A’ fosgladh san Dùbhlachd, a’ dùnadh sa Mhàirt – A’ toirt taic do thidsearan tron bhliadhna acadaimigeach às dèidh sin

 

Ma tha sibh taobh a-muigh a’ chlàir-ama airson nan sgeamaichean maoineachaidh seo, no ma tha beachd agaibh air pròiseact nach eil a’ freagairt air na sgeamaichean, nach cuir sibh fios thugainn agus is urrainn dhuinn beachachadh air dòighean eile gus maoineachadh a lorg dhuibh.

Dè cho mòr ’s as urrainn don tagradh againn a bhith?

Tha crìochan eadar-dhealaichte aig na diofar sgeamaichean againn air an uiread de mhaoineachadh a dh’fhaodar iarraidh.

Airson a’ mhòr-chuid de na sgeamaichean againn, chan urrainn dhuinn ach taic a thoirt suas ri 80% de chosgaisean a’ phròiseict, agus mar sin feumaidh sibh teachd-a-steach a thogail tron phròiseact agaibh no taic-airgid a shireadh bho thùs eile.

An urrainn dhuibh taic a thoirt dhomh airson cùrsa Gàidhlig a ghabhail?

Mar as trice bidh sinn a’ toirt maoineachadh seachad do bhuidhnean gus cùrsaichean Gàidhlig a ruith seach do dhaoine fa leth a bhith gam frithealadh, ge-tà ma tha sibh airson dreuchd a thòiseachadh ann a bhith a’ teagasg na Gàidhlig (an dàrna cuid mar oileanach no mar thidsear a th’ ann mar-thà) no mar thidsear Gàidhlig a tha ag iarraidh do sgilean proifeiseanta àrdachadh, faodaidh sibh tagradh a dhèanamh tron phrògram Tabhartasan Foghlaim againn.

Do luchd-labhairt na Gàidhlig a tha ag iarraidh na sgilean Gaeilge aca a neartachadh, tha sinn cuideachd a’ toirt taic tro ar sgeama thabhartasan Gaeilge Colmcille gus cùrsa Gaeilge a dhèanamh ann an Èirinn no air-loidhne.

Tha mi a’ dèanamh Gàidhlig aig colaiste no oilthigh, an urrainn dhomh cur a-steach airson taic-airgid?

Mura h-eil sibh nur thidsear mar-thà, no a’ dèanamh cùrsa foghlam Gàidhlig sònraichte aig an oilthigh (fo-cheum no iar-cheum) chan eil sinn an-dràsta a’ tabhann maoineachadh do dh’oileanaich a tha a’ dèanamh chùrsaichean Gàidhlig leis fhèin aig colaiste no oilthigh.

Tha tabhartasan rim faighinn bho Urras Brosnachaidh na Gàidhlig agus Urras NicCuaig do dh’oileanaich Ghàidhlig.

Dè eile a bhios sibh a’ maoineachadh?

Tha liosta iomlan de na pròiseactan a tha sinn air maoineachadh bho 2018/19 ri fhaighinn tro GrantNav an seo. Faodaidh sibh sgrùdadh a dhèanamh a rèir buidheann no le prìomh fhaclan agus mion-sgrùdadh a dhèanamh a rèir diofar àiteachan agus bliadhnaichean.

Mura faic sibh pròiseact coltach ris an fhear agaibh, na bi leisg fios a chur thugainn agus is urrainn dhuinn fios air ais a thoirt seachad a thaobh an e rudeigin a th’ ann as urrainn dhuinn a mhaoineachadh.

Am faod sinn tagradh a dhèanamh mar chompanaidh airson prothaid?

Faodaidh, airson airgead a tha fosgailte do bhuidhnean neo-phoblach is urrainn dhuinn gabhail ri tagraidhean bho chompanaidhean airson prothaid, ach feumaidh a h-uile pròiseact a bhith air a ruith air bunait neo-phrothaideach.

Am faod mi tagradh a dhèanamh mar neach fa-leth?

Faodaidh daoine fa-leth cur a-steach airson taic an-dràsta tro ar sgeama Tabhartasan Foghlaim no sgeamaichean Thabhartasan Gaeilge Cholmcille, ach tha sinn air pròiseactan a mhaoineachadh le daoine fa-leth taobh a-muigh ar sgeamaichean thabhartasan àbhaisteach, mar sin ma tha beachd agaibh air pròiseact nach cuir sibh fios thugainn agus bidh sinn toilichte bruidhinn mu shlighean gus maoineachadh fhaighinn.

Am faod sinn iarrtas a chur a-steach airson taic airson eadar-theangachadh shoidhnichean?

Mar as trice chan eil sinn a’ maoineachadh cosgaisean an lùib Gàidhlig a chleachdadh air soidhnichean, ach a-mhàin ma tha e na phàirt de phròiseact nas motha le cleachdadh soilleir leantainneach den Ghàidhlig. San t-suidheachadh seo tha sinn toilichte taic a thoirt seachad mu choinneamh nan cosgaisean eadar-theangachaidh no dealbhachaidh, ach bhitheamaid an dùil gum pàigheadh sibhse airson cosgaisean nan soidhnichean fhèin.

Am faod sinn tagradh a dhèanamh mar sgoil no ùghdarras ionadail airson taic a thaobh ar teagasg Gàidhlig?

Chan urrainn, chan eil sinn a’ maoineachadh rud sam bith a bhiodh a dhìth air sgoil no ùghdarras ionadail mar phàirt de churraicealam foghlam tro mheadhan na Gàidhlig no luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Faodaidh sinn ge-tà taic a thoirt do chur-seachadan taobh a-muigh na sgoile gus taic a thoirt do chleachdadh na Gàidhlig taobh a-muigh a’ churraicealam.

An urrainn dhuinn tagradh a dhèanamh airson taic a dh’ionnsaigh togalach no ùrachadh togalaich?

Chan urrainn, tha sinn air ar cuingealachadh le Riaghaltas na h-Alba leis nach urrainn dhuinn taic a thoirt seachad mu choinneamh chosgaisean calpa, agus mar sin chan urrainn dhuinn cuideachadh leis na h-eileamaidean seo de phròiseactan.

Faodaidh sinn, ge-tà, taic a chumail ri tachartasan is taic ri leasachadh is stiùireadh pròiseactan a dh’ fhaodadh a bhith mar pàirt de na phròiseactan seo.

Càite eile am bu chòir dhuinn coimhead airson maoineachadh?

  • Alba Chruthachail

A’ toirt seachad maoineachadh do phròiseactan ealain, tha Maoin Fhosgailte Alba Chruthachail agus sruthan Maoineachadh Targaidichte a’ toirt taic do raon farsaing de phròiseactan ealain Ghàidhlig.

  • Maoin nan Ealan Gàidhlig

Tha Maoin nan Ealan Ghàidhlig, a tha air a ruith le Fèisean nan Gàidheal le maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig is Alba Chruthachail, a’ toirt taic do phròiseactan ealain Ghàidhlig agus do dhaoine fa leth

  • Comhairle nan Leabhraichean

Bheir Comhairle nan Leabhraichean taic seachad tro thabhartasan agus dhuaisean do sgrìobhadairean agus tabhartasan do dh’fhoillsichearan a tha airson leabhraichean Gàidhlig a chruthachadh no fhoillseachadh.

  • Tabhartasan a’ Chrannchuir Nàiseanta

Tha Maoin Coimhearsnachd a’ Chrannchuir Nàiseanta a’ ruith sreath de phrògraman a tha fosgailte do phròiseactan Gàidhlig. https://www.tnlcommunityfund.org.uk/funding/programmes?location=scotland

Faodaidh sibh cuideachd cur a-steach airson maoineachadh tro Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir airson pròiseactan co-cheangailte ri pròiseactan dualchais: https://www.heritagefund.org.uk/funding

An urrainn dhuibh pròiseactan a tha air tòiseachadh mar-thà a mhaoineachadh?

Tha sinn toilichte taic a thoirt seachad airson a bhith a’ leudachadh no a’ leantainn air le pròiseactan a chaidh a ruith a-cheana, ach chan urrainn dhuinn maoineachadh a thoirt dhuibh airson rudeigin a rinneadh mar-thà.

Ma chuireas sinn a-steach airson leantainn air adhart le pròiseact, am faod sinn barrachd maoineachaidh iarraidh na fhuair sinn roimhe?

Faodaidh.  Mas e leantainneachd a th’ anns a’ phròiseact agaibh, ge-tà, tha sinn an dùil gun seall sibh mar a choileanas am pròiseact agaibh barrachd na rinn e ann an ath-aithrisean roimhe agus gun toir e barrachd luach an airgid airson ar maoineachaidh, air neo dh’fhaodamaid an ìre tabhartais againn a chumail aig an aon ìre no a lùghdachadh.

An urrainn dhuinn tagradh a dhèanamh mura bi an t-iarrtas maoineachaidh againn soirbheachail?

Tha co-dhùnaidhean air iarrtasan taic-airgid dheireannaich, leis gun tèid co-dhùnadh air gach iarrtas a’ ruighinn leis an Sgioba Stiùiridh againn, Comataidh den Bhòrd-stiùiridh no am Bòrd-stiùiridh slàn.

Ach, mura bheil sibh toilichte leis an dòigh anns an deach d’ iarrtas maoineachaidh a phròiseasadh no math sibh smaoineachadh gun deach mearachd bunaiteach a dhèanamh sa cho-dhùnadh (gun a bhith a’ gabhail a-steach a’ cho-dhùnaidh fhèin), faodaidh sibh gearan a thogail tro ar Modh Gearain.

Am faod sinn cur a-steach airson rudeigin a tha a’ gabhail àite taobh a-muigh na h-Alba?

Faodaidh, ann an suidheachaidhean sònraichte. Ma tha sibh a’ cur a-steach tron sgeama Colmcille againn, faodaidh sibh cur a-steach airson gnìomhachd a bhios a’ gabhail àite ann an Èirinn (fhad ‘s a tha a’ bhuidheann agaibh stèidhichte sa mhòr-chuid san RA). Faodaidh sibh cuideachd tagradh a dhèanamh tro thùsan eile airson turasan airson luchd-labhairt na Gàidhlig à Alba gus a’ Ghàidhlig a riochdachadh thall thairis.

Ma tha sibh a’ cur a-steach bho bhuidheann taobh a-muigh na h-Alba, feuch an smaoinich sibh air mar a bheir am pròiseact agaibh taic don Ghàidhlig ann an Alba agus bidh sinn toilichte bruidhinn ribh mu ur beachd pròiseict.

Dè cho fada ’s a bheir e gus ar tagradh maoineachaidh a mheasadh?

Mar as trice bheir e eadar 8-12 seachdainean dhuinn sgrùdadh a dhèanamh air iarrtas maoineachaidh bhon cheann-latha a chuirear a-steach e, mar sin bu chòir dhuibh dèanamh cinnteach nuair a tha sibh a’ cur a-steach tro sgeama gum fàg sibh ùine gu leòr ron cheann-latha tòiseachaidh agaibh gus leigeil leibh ullachadh às dèidh a’ cho-dhùnaidh.

Faodar co-dhùnaidhean a dhèanamh nas tràithe ge-tà, agus mar sin feuch gun cùm sibh sùil air a’ bhogsa a-steach sa phost-d agaibh airson conaltradh sam bith bhuainn co-cheangailte ris an tagradh agaibh.

Ciamar a tha na tagraidhean air am measadh?

Bithear a’ measadh thagraidhean le pannal de dh’oifigearan Bhòrd na Gàidhlig, a leughas agus a mheasas tagraidhean leotha fhèin mus tig iad còmhla mar phannal gus co-mholadh a dhèanamh.  Tha stiùireadh-measaidh air fhoillseachadh airson gach sgeama taic-airgid le tuilleadh fiosrachaidh air mar a tha na iarrtasan air an sgòradh.

Tha na molaidhean uile air an cur gu Àrd-Sgioba Stiùiridh a’ Bhùird airson aonta. Ma thathas a’ moladh còrr air £50,000 a thoirt dhuibh, feumaidh am moladh cead fhaighinn bhon Chomataidh Poileasaidh is Ghoireasan againn. Ma thathas a’ moladh còrr air £100,000 a thoirt dhuibh, feumaidh am moladh cead fhaighinn bhon Bhòrd-stiùiridh againn.

An urrainn dhuinn tabhartasan neo-ionmhasail a thoirt a-steach don bhuidseit againn?

‘S urrainn. Faodar ùine no goireasan sam bith a tha sibh a’ cur gu saor-thoileach ris a’ phròiseact a thoirt a-steach mar taic neo-ionmhasail (agus bu chòir a bhith air a ghabhail a-steach mar gach cuid caiteachas agus teachd-a-steach air a’ bhuidseit agaibh). Faodar an taic neo-ionmhasail seo cuideachd dol a dh’ ionnsaigh an20% den mhaoineachadh a thathar an dùil a bheir sibh seachad bho thùsan eile seach Bòrd na Gàidhlig airson sgeamaichean iomchaidh. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu na tha an taic neo-sheòrsach an seo: https://www.creativescotland.com/contact-us/enquiries/funding/your-budget/what-are-in-kind-contributions

 

Am faod sinn ar buidseat a chur a-steach ann an cruth eile seach an tè san fhoirm-iarrtais?

Faodaidh, mas fheàrr leibh ur bhuidseit a chur a-steach mar sgrìobhainn taic (m.e. leabhar-obrach Excel) na bithibh leisg sin a dhèanamh agus cuiribh a-steach nota san fhoirm tagraidh gu bheil sibh air sin a dhèanamh.

Am feum sinn cumail ris na crìochan fhaclan anns na foirmean tagraidh?

Mar as trice tha na crìochan fhaclan anns na tagraidhean mar stiùireadh air an ìre de dh’fhiosrachadh a tha sinn a’ sireadh, ach faodaidh sibh a dhol thairis orra ma thogras sibh.

Feuchaibh ri bhith pongail leis na freagairtean agaibh far a bheil sin comasach, ach ma tha sibh a’ faireachdainn gu bheil feum air tuilleadh mìneachaidh air rudeigin feuch an cuir sibh a-steach sgrìobhainn taic leis an iarrtas agaibh taobh a-muigh na foirme fhèin.

Am feum sinn am foirm-iarrtais a lìonadh sa Ghàidhlig?

Chan fheum, tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan an dara cuid sa Ghàidhlig no sa Bheurla ged a bhitheamaid gad bhrosnachadh gus Gàidhlig a chleachdadh cho fada ’s a ghabhas. Cha bhi droch bhuaidh air an tagradh agaibh air sgàth mhearachdan litreachaidh no gràmair.

Chan eil cunntas banca aig a’ bhuidhinn againn, an urrainn dhuinn tagradh a dhèanamh?

Airson ar cùmhnantan maoineachaidh tha sinn ag iarraidh gum bi cunntas banca agaibh ann an ainm na buidhne agaibh gus leigeil leinn pàighidhean a dhèanamh.

Ma tha sibh an-dràsta a’ stèidheachadh cunntas banca airson na buidhne agaibh, bhitheamaid fhathast gur brosnachadh gus tagradh a dhèanamh, ach mura h-eil sibh fhathast air tòiseachadh air cunntas a thòiseachadh chan eil e coltach gum bi e comasach dhuibh ur pròiseact a thòiseachadh ann an àm gu leòr.

Chan eil bun-stèidh aig a’ bhuidhinn againn, an urrainn dhuinn tagradh a dhèanamh?

Tha sinn ag iarraidh gum bi bun-stèidh no meòrachan agus artaigilean comainn agus comataidh aig a h-uile buidheann a chuireas a-steach thugainn airson maoineachaidh (le co-dhiù Cathraiche, Rùnaire agus Ionmhasair a tha nan daoine eadar-dhealaichte).

Tha eisimpleirean de bhun-stèidh a ghabhas atharrachadh gu furasta airson na buidhne agaibh rim faighinn bhon SCVO: https://scvo.scot/support/setting-up-a-charity/write-your-constitution

Dè na poileasaidhean a dh’fheumas a bhith againn mar bhuidheann gus tagradh a dhèanamh?

Is iad na h-aon riatanasan a th’ againn do bhuidhnean a thaobh poileasaidh (ach a-mhàin sgrìobhainn stèidheachaidh a bhith aca) gum feum poileasaidh Dìon a bhith aig pròiseactan anns a bheil clann no daoine so-leònte an sàs (agus tha sinn a’ moladh gum bi fear aig a h-uile buidheann eadhon ged nach eil iad ag obair san raon seo). Tha fiosrachadh feumail mu dhìon ri fhaighinn tron SCVO an seo: https://scvo.scot/support/running-your-organisation/staff-volunteers/safeguarding

Tha sinn cuideachd a’ moladh gum beachdaich buidhnean air poileasaidh Gàidhlig a bhith aca, poileasaidh Co-ionannachd Chothroman/Co-ionannachd, Iomadachd is In-ghabhail, is aithris/poileasaidh Àrainneachdail. Ma tha ceist sam bith agaibh mun deidhinn, na bithibh leisg fios a chur thugainn agus bidh sinn toilichte ur cuideachadh le bhith a’ cruthachadh poileasaidh a fhreagras air na feumalachdan agaibh.

Am faod sinn tagradh a dhèanamh gu barrachd air aon mhaoin aig Bòrd na Gàidhlig?

Chan urrainn dhuibh cur a-steach airson taic airson an aon phròiseict tro iomadh maoin aig Bòrd na Gàidhlig, ach chan eil crìoch air an àireamh de phròiseactan eadar-dhealaichte dha bheil sinn deònach taic a thoirt– mar sin ma tha pròiseactan eadar-dhealaichte agaibh a tha freagarrach airson sgeamaichean maoineachaidh eadar-dhealaichte nach cuir sibh a-steach ur tagradh.

Ma shoirbhicheas leis an tagradh againn, am faigh sinn an-còmhnaidh an t-suim a dh’iarr sinn?

Chan fhaigh an-còmhnaidh, is dòcha gun co-dhùin sinn suim nas ìsle a thabhann na dh’iarr sibh an dàrna cuid air sgàth adhbharan a’ bhuidseit againn no leis gu bheil sinn den bheachd gu bheil suim nas ìsle nas freagarraiche airson ur phròiseict, no leis gun cuir sinn romhainn dìreach pàirt den phròiseact agaibh a mhaoineachadh. Faodaidh sibh fios air ais iarraidh oirnn mun iarrtas agaibh ma tha sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh.

An urrainn dhuinn tagradh a dhèanamh airson pròiseact ann an com-pàirteachas le buidheann eile?

’S urrainn, bidh sinn a’ brosnachadh obair com-pàirteachais far an gabh sin dèanamh. Airson adhbharan nan aontaidhean taic-airgid againn feumaidh aon bhuidheann a bhith mar “phrìomh bhuidheann” gus an t-aonta a dhèanamh gu h-oifigeil agus cha phàigh sinn am maoineachadh ach don bhuidhinn sin, ach brosnaichidh sinn diofar bhuidhnean a bhith ag obair còmhla ann an dòigh sam bith a ghabhas dèanamh.

An urrainn dhuinn tagradh a dhèanamh airson pròiseactan a mhaireas nas fhaide na 1 bhliadhna?

Mar as trice bidh na sgeamaichean maoineachaidh againn fosgailte do phròiseactan maoineachaidh airson 12 mìosan aig a’ char as fhaide, ach mas urrainn dhuibh luach a shealltainn dhuinn a bhith a’ toirt seachad maoineachadh airson ùine nas fhaide agus gun urrainn dhuibh eachdraidh a nochdadh ann a bhith a’ lìbhrigeadh phròiseactan le ar maoineachadh tha sinn fosgailte airson bruidhinn air roghainnean san fhad-ùine còmhla riubh. Faodaidh sibh cuideachd tagradh a chur a-rithist chun na sgeamaichean bliadhnail againn cho tric ’s a thogras sibh. Feuch gun cuir sibh fios thugainn mus dèan sibh tagradh fad-ùine sam bith.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security