![Graphic: Text is written in Scottish Gaelic. Translation reads "Gaelic Usage Survey 2024. Open for 24 hours only!"](https://www.gaidhlig.scot/wp-content/uploads/2024/06/G-Ceisteachan-Thumbnail-768x512.jpg)
Ceisteachan air Cleachdadh na Gàidhlig 2024
Tha sinne aig Bòrd na Gàidhlig a’ sgaoileadh ceisteachan goirid gach bliadhna is sinn ag amas air sgrùdadh a dhèanamh air cleachdadh na Gàidhlig agus mar a dh’ fhaodadh seo air atharrachadh thar na bliadhna a dh’fhalbh. Bhiodh sinn air leth taingeil nam biodh 5 mionaid agaibh airson ar cuideachadh agus an ceisteachan seo a […]
25/06/2024
Barrachd >![Picture: Two young boys laughing together in a primary school or nursary classroom. Text reads "Consultation Response: The United Nations Convention on the Rights of the Child (Incorporation) (Scotland) Act 2024"](https://www.gaidhlig.scot/wp-content/uploads/2024/05/BNG-Posts-Thumbnails-4-768x512.jpg)
Freagairt air Co-chomhairleachadh: Achd Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne (Co-chorpachadh) (Alba) 2024
Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba air Achd Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne (Co-chorpachadh) (Alba) 2024. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn: “Ged a tha farsaingeachd de dh’fhiosrachadh coitcheann ann, chan eil mion-fhiosrachadh gu leòr ann mu mar a bheir an UNCRC deagh bhuaidh […]
30/05/2024
Barrachd >![Picture: A young boy and girl sitting on top of a climbing frame in a grassy outdoor space. Text reads 'Gaelic Early Years Grants Scheme'.](https://www.gaidhlig.scot/wp-content/uploads/2024/05/Tabhartasan-TB-Thumbnail-768x512.jpg)
Sgeama Tabhartasan Tràth-bhliadhnaichean air Fhosgladh do dh’Iarrtasan
Tha Bòrd na Gàidhlig air sgeama Tabhartasan nan Tràth-bhliadhnaichean fhosgladh do dh’iarrtasan airson na bliadhna 2024/25, le taic-airgid ri fhaighinn do bhuidhnean tràth-bhliadhnaichean air feadh na h-Alba a tha airson seiseanan Gàidhlig a’ ruith. Tha an sgeama fosgailte do bhuidhnean saor-thoileach is treasaibh-roinn is taic suas ri £5,000 ri fhaighinn do bhuidhnean a tha coinneachadh […]
16/05/2024
Barrachd >